Cumha Cheap Breatainn — Lyrics

Scottish Gaelic Secular Folk songs Staff notation

Full Lyrics

1. Chì mi bhuam, fada bhuam, Chì mi bhuam ri muir làin; Chì mi Ceap Breatuinn mo luaidh Fada bhuam thar an tsàil. 2. Chì mi Creiginnis nan craobh, Le cuid aonaichean àrd; 'S an Rugh' Fada tha ri taobh Gheibhte maoin ann 'us bàrr. Bha na Glasraich ann gun èis, Bheireadh feum as an fhàl; Bha iad modhail 's bha iad gleusd', Bha iad speiseal nan gnàths. 3. Chì mi Siudaig nam fear cruaidh, Chì mi Bruaich nam fear àrd, Bha Clann Sheumais ann ri uair Laoich a bhuanaicheadh blàr. Bha iad fearail, bha iad treun, 'S iad gun eucoir nan càil; Ach nuair rachadh iad iad gu streup 'S iad nach gèilleadh do namh. 4. Chì mi Sestico nan tùr, 'S am bheil bùthan 'us sràid; Chì mi Mabù air a' chùl B' i sid dùthaich mo ghràidh. 'S e na thug mi dhi de m' rùn Rinn mo dhùsgadh gu dàn, 'S gu bheil m' fharmad ris gach gnùis, Tha mu bhruachaibh a' tàmh. Gu bheil togradh ann am inntinn Bhi leibh mar a bha, Ged tha fios agam 's cinnt Ribh nach till mi gu bràth 5. Chì mi cladach Meinn a' Ghuail, 'S am bidh buar agus gràn; 'S Rugh' an tSeallaidh fad mu thuath, Creagach, fuar agus àrd. Tha mi ruith gu ceann mo rèis, 'S mi fo èislean gach là; Sguiridh mi 's cha neil mi rèidh, 'S chan eil feum ann am dhàn. Nis bho tha mi air bheag stàth, 'S e a b'àill leam nuair nach beò, Mi bhi còmhla ri mo chàirdean, Am Màbu fo 'n fhoid.

Download the sheet music

Cumha Cheap Breatainn

Cumha Cheap Breatainn

Staff
Scottish Gaelic
5 pages
0 Downloads
Secular Folk songs
0 0

More lyrics you may want